Iarrtas gu Ofgem 'son Càball a' Chuain Sgìth
- Air fhoillseachadh

Chuir Comhairle nan Eilean Siar agus Urras Steòrnabhaigh fàilte air mar a chuir a' chompanaidh SSEN iarrtas gu riaghladair a' chumhachd, Ofgem, air càball dealain ùr fon mhuir eadar Leòdhas agus Tìr-Mòr.
Chuir a' chompanaidh argamaid air adhart mun fheum a bhiodh ann airson càball de mheud 600MW.
Thuirt fear a bha roimhe na mhinistear chumhachd ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Brian MacUilleim, gun robh seo na clach-mhìle chudromaich, ged nach robh càil air a ghealltainn, agus nach biodh cothrom sam bith ann air an tuilleadh phròiseactan chumhachd anns na h-Eileanan Siar às aonais chàbaill mhòir den leithid.
Chuir an t-eòlaiche chumhachd, Murchadh Moireach, fàilte air an naidheachd.
"'S e naidheachd mhòr dha-rìribh a th' ann airson nan Eilean Siar agus airson nan Eilean a Tuath, cuideachd," thuirt e.
Doras Mòr
"Bha iadsan a' bruidhinn mu dheidhinn gur dòcha gum biodh an rud ga ghearradh sìos bho 600MW gu 450MW, ach tha iad a-nise an dèidh iarrtas a chur a-steach aig 600MW.
"'S e naidheachd mhòr dha-rìribh a tha sin.
"Tha fios againn a-nis gum bi Rùp an CFD (Contracts For Difference) ann as t-Earrach an ath-bhliadhna, agus tha e a' coimhead coltach gum bi fear eile ann às dèidh sin cuideachd, 's tha sin a' toirt misneachd.
"'S e an rud a tha cudromach a-nis, gum bi a h-uile duine comasach a bhith ag obair còmhla airson dèanamh cinnteach gum bi an teansa as làidire aig na sgeamaichean a thathas a' cur a-steach anns na h-Eileanan airson a bhith a' buannachadh aig an rùp.
"Ach tha an-diugh a' ciallachadh gu bheil an t-slighe gu bhith fosgailte dhaibh ma 's e 's gum bi iad soirbheachail aig an rùp an ath-bhliadhna, gum faigh iad a-steach gu Tìr-Mòr leis a' chumhachd, agus tha sin a' dol a dh'fhosgladh dorais mhòir dha na h-Eileanan anns na bliadhnaichean a tha romhainn," thuirt e.
Coimhearsnachdan
Thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, gu bheil an naidheachd a' dearbhadh gun deach an t-slighe cheart a leantainn.
"Chan eil teagamh sam bith nach e slighe fhada - agus feadhainn a' faireachdainn ro fhada - ach tha sinn far a bheil sinn," thuirt e.
"Agus 's e cofhurtachd a th' ann gu bheil an t-iarrtas air a dhol a-steach, agus gu bheil e airson 600MW.
"Nise, ma thachras sin bidh cothrom ann airson phròiseactan mòra, agus bidh cothrom ann airson phròiseactan beaga ma tha na coimhearsnachdan ag iarraidh sin a dhèanamh.
"Ach an rud a tha air a dhèanamh glè shoilleir, 's e gu bheil SSE a' cur an earbsa gu lèir anns na pròiseactan mòra agus an fheadhainn a tha gan leasachadh.
"Tha creideas aca gu bheil an comas aca a thaobh airgid na pròiseactan seo a dhol air adhart cho luath agus a gheibh iad an cead agus an CFD.
"Mura tachair sin, tha e a' cur seo ann an cunnart. Cha tachair e mura tachair na pròiseactan mòra.
"Anns an t-saoghal anns a bheil sinn, chan eil e comasach dha na coimhearsnachdan, nar beachd-ne, sin a dhèanamh.
"Ach tha e glè chomasach dhan fheadhainn a th' air a bhith còmhla rinn air an t-slighe a tha seo sin a dhèanamh, agus aig deireadh an là, ma thachras e, 's urrainn dhuinne an uair sin cothrom fhaighinn air suas ri 100MW a cheannach dhan choimhearsnachd ann an dòigh a tha tòrr nas cothromaiche agus nas ciallaiche," thuirt e.