Prìsean suas aig Fèill na Luirge
- Air fhoillseachadh

Bha prìsean suas, beagan, aig Fèill na Luirge Dimàirt.
Air a' cheann thall, bha prìs nam molt suas 5sg gu £51.11 sa chumantas.
'S e £72 a' phrìs a b' fheàrr a fhuireadh 'son muilt air an là.
Bha prìs nan uan boireann suas 2sg gu £76.54 sa chumantas.
'S e £166 a' phrìs a b' àirde a bh' ann 'son uain bhoireann.
Aimsir
Tha e coltach gun tug tiormachd an t-Samhraidh buaidh air cùisean san fharsaingeachd.
Chaidh 15,000 caora a chur air air adhart a bhith air an reic, sìos mu 3,000 an taca ri 2017.
Cha robh uimhir de luchd-ceannaich à deas ann nas motha.
Thuirt Dàibhidh Legget bhon chompanaidh United Auctions gun robh bliadhna dhùbhlanach air a bhith ann.
Thuirt e a dh'aindeoin sin, gun robh coltas math air mòran de na h-uain, is gun robh luchd-ceannaich gu leòr air nochdadh.