Linn ùr sa Gharbh Allt
- Air fhoillseachadh

Tha coimhearsnachd ann an Cataibh a' comharrachadh Diardaoin gun d' fhuair iad sealbh oifigeil air 3,000 acair de thalamh.
Cheannaich Iomairt Choimhearsnachd a' Gharbh Uillt am fearann, a tha faisg air Bun Ilidh, bho Oighreachdan Chataibh.
Bha Oighreachdan Chataibh gu h-eachdraidheil gu mòr an lùib nam fuadaichean a bha san sgìre.
Tha sealbh a-nis aig Iomairt Choimhearsnachd a' Gharbh Uillt air bailtean Marrel, Port Gower, Bun Ilidh an Iar, agus Gartaidh Mòr agus an talamh ionaltraidh a tha nan cois.
Thuirt Anne Scott bhon bhuidhinn gu bheil iad a' comharrachadh linne ùire dhan sgìre agus dhan t-sluagh.
Taic
"Tha taic mhòr anns a' choimhearsnachd", thuirt i.
"Faodaidh sinn bruidhinn a-nise mu rudan a tha sinn airson dèanamh san àm ri teachd, na cothroman a th' ann. Cha robh còmhradh mar sin againn roimhe.
"Bidh sinne a' cuimhneachadh air na daoine a bh' ann agus an ceangal ris na fuadaichean", thuirt i.
Mar phàirt den sin, tha iad air bòrd fiosrachaidh a chur aig carragh-cuimhne Lìog an Fhearainn san sgìre.
Chosg e timcheall £250,000 am fearann a cheannach.
Fhuair a' choimhearsnachd taic bho Stòras Fearainn na h-Alba, am measg eile.