NHS ag iarraidh taic an t-sluaigh an Loch Abar

  • Air fhoillseachadh
Ospadal a' Bhelford

Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd a' sireadh taic an t-sluaigh a thaobh leasachaidhean le seirbheisean slàinte an Loch Abar.

Dh'innis am bòrd gu bheil iad air taic-airgid a dhearbhadh airson ceithir dreuchdan àrd-dhotair aig Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan.

Tha tàire air a bhith aca anns na mìosan mu dheireadh cuid de dhreuchdan àrd-dhotair an Loch Abar a lìonadh.

Tha iad ag ràdh a-nise gu bheil iad air sùil às ùr a thoirt air a' chùis, is cothrom co-obrachadh ri Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis am measg na tha iad air cur a-steach.

Thuirt iad gu bheil iad cuideachd air a bhith ag obair le luchd-obrach san sgìre gus pasgan fiosrachaidh mu Loch Abar a chur ri chèile, a tha a' sealltainn cho math 's a tha e a bhith a' fuireach is ag obair san sgìre.

Cuideachadh

Ach tha iad ag ràdh gun urrainn dhan phoball na h-uimhir de thaic a thoirt seachad cuideachd.

"Bha bùth-obrach againn bho chionn ghoirid a thaobh ospadail ùir a thèid an àite Ospadal a' Bhelford is bha an taic a fhuair sinn bhon t-sluagh do-chreidsinneach", thuirt an Dr Katharine Jones bho NHS na Gàidhealtachd.

"Tha e follaiseach gu bheil beachdan làidir aig muinntir Loch Abair a thaobh slàinte is cùraim shòisealta san sgìre aca, is tha sinn ag iarraidh orra fiosrachadh mu na h-obraichean ùra seo a sgaoileadh fad is farsaing, is 'son innse mu na buannachdan a tha an cois a bhith a' fuireach an Loch Abar", thuirt i.

Tha am bòrd-slàinte cuideachd ag iarradh air a' phoball am beachd a thoirt seachad air dè seòrsa dreach a bu chòir a bhith air ospadal ùr dhan sgìre,

Chomharraich iad mar-thà làrach air iomall a' Ghearasdain is tha plana gnothachais a thèid gu Riaghaltas na h-Alba ga dheasachadh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh