Cuirmean Runrig an Uibhist tràth sna 70n
Aig deireadh na seachdainn-sa cruinnichidh na mìltean ann an Sruighlea aig na cuirmean mu dheireadh aig Runrig. An dèidh 45 bliadhna tha an còmhlan a' dol a sguir.
Airson a' chlach mhìle a tha seo a chomharrachadh tha Aithris na Maidne air a bhith a' togail air cuid de na cuirmean àraid is ainmeil aca.
San aithris-sa thathas a' meòireachadh air na ciad chuirmean ann an Uibhist tràth anns na 70n.
Tha an aithris aig Angela NicIlleathain a' tòiseachadh le Calum Dòmhnallach bho Runrig.