A' Mhìle Mu Dheireadh
An dèidh 45 bliadhna thèid Runrig air an àrd-ùrlar airson an turas mu dheireadh le dà chuirm ann an Sruighlea aig deireadh na seachdainn.
Tha iad mur tha air soraidh slàn fhàgail aig luchd-leantainn san Danmhairg agus anns a' Ghearmailt.
Rinn iad sin nas tràithe air an t-samhradh agus 's ann mu na cuirmean sin a tha an aithris-sa, a tha a' tòiseachadh le Calum Dòmhnallach bhon chòmhlan.