Croitean coille ann am Muile

Tha leasachaidhean mòra a' dol ann an ceann a deas Mhuile an-dràsta.

Tha Urras Leasachaidh na sgìre a' sireadh dhaoine gus cuideachadh le bhith a' cruthachadh còig croitean coille.

A thuilleadh air a sin, tha obair-ullachaidh a' dol gus cidheachan Fhionnphoirt agus Eilean Ì a dhèanamh nas sàbhailte - agus tha beachd ann tuathanas feamainn a stèidheachadh.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.