Naidheachdan 11:00m

Cha tèid Sir Norman Bettison a thoirt gu lagh airson na thachair ann an tubaist stèidiam bhuill-choise Hillsborough. Chaidh casaidean an aghaidh an t-seann àrd-chonstabal an-uiridh airson a ghiùlain ann an dreuchd phoblaich. Bha casaidean na aghaidh gun do dh'innis e breugan sa chùis, ach leig an Crùn fhaicinn an-diugh gu bheil iad a' leigeil na cùise às.

Tha Rùnaire Bhrexit, Dominic Raab, a' dol dhan Bhruiseil feasgar airson tuilleadh chòmhraidhean ri àrd-bharganaiche an EU, Michel Barnier. Bidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' tòiseachadh an-earrar a' foillseachadh plana ma 's e agus gur e Brexit gun aonta a bhios ann.

Thuirt Àrd-Oifigeach Meidigeach na h-Alba nach eil adhbhar dragh ann mu chungaidhean lèighis nan tigeadh Brexit gun aonta gu buil. Tha buidheann a tha a' riochdachadh urrasan slàinte ann an Sasainn ag ràdh gum faodadh gun teirig cungaidhean-lèighis ma 's e agus gum fàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach gun aonta. Ach thuirt Catherine Calderwood nach eil cunnart sam bith ann gun tachair sin an Alba, leis gu bheil plana aca mu choinneimh.

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Jeremy Hunt, ag iarraidh air an Aonadh Eòrpach tuilleadh smachd-bhannan a chur air an Ruis airson na h-ionnsaigh le puinnsean ann an Wiltshire, às a bheil an Ruis a' dol às àicheadh. Tha Mgr Hunt ann an Washington a' dèanamh òraid airson a' chiad uair bho chaidh e an àite Bhoris Johnson anns an dreuchd air a' mhìos a chaidh.

Bu chòir dà bhàt-aiseig nas lugha a bhith a' seòladh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, seach an Loch Seaforth, a rèir Roy Pedersen, ball de bhuidhinn eòlaichean nan aiseagan aig Riaghaltas na h-Alba. Tha esan am measg na tha a' cur teagaimh ann an luach an aonta fo bheil an Loch Seaforth air màl o Bhanca Lloyds. Agus thuirt Mgr Pedersen gum biodh e na bu chiallaiche cuideachd dà bhàta, seach aonan, a chur air an t-seirbheis eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch na Madadh.

Tha Ministear Taigheadais na h-Alba, Caoimhin Stiùbhart, a' tadhal air an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse an-diugh. Thèid aire a tharraing gu cion thaighean anns an sgìre, agus cho doirbh 's a tha e do mhòran dachaigh fhaighinn leis mar a tha turasachd a' toirt buaidh air an t-suidheachadh.

Tha poilis a' rannsachadh tachartais air bòrd bhàt-iasgaich aig port Sgrabasdal ann an Gallaibh. Tha duine anns an ospadal agus aithris ann gun tug fear eile ionnsaigh air le sgithinn an-raoir.