Tubaist air an A82

  • Air fhoillseachadh
Poileas Alba

B' fheudar do luchd-smàlaidh fireannach a ghearradh a-mach à sprùilleach chàir an dèidh tubaiste eadar dà charbad air an A82, deas air a' Ghearasdan.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm an dèidh aithrisean gun robh tubaist air a bhith ann aig Aiseag a' Chorrain mu 10:40m Dimàirt.

Chan eil fhios aig an ìre seo dè an suidheachadh anns a bheil an duine a chaidh a ghearradh a-mach às a' chàr.

Bha an rathad dùinte, ach tha na Poilis a-niste air aon taobh den rathad fhosgladh a-rithist, agus tha e a-niste comasach faighinn seachad air làrach na tubaiste.