Fear an grèim às dèidh ionnsaigh air bàt'-iasgaich

  • Air fhoillseachadh
Caladh SgrabasdailTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an duine a leòn air tràlair a bh' ann an Caladh Sgrabasdal.

Tha fireannach, 45 bliadhna de dh'aois, fo chùram san ospadal agus dùil ann gun deach a shàthadh air bòrd bhàta-iasgaich, a bha ceangailte ann an Sgrabasdal.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm chun a' bhàta Brisca, a tha clàraichte ann an Ulapul, anns a' chaladh ann an Gallaibh mu 12:00m oidhche Luain.

Thugadh an duine chun an ospadail ann an Inbhir Ùige.

Chaidh a ràdh gu bheil e air a dhoch leòn ach nach eil e ann an cunnart bàsachadh.

Thuirt na Poilis gun deach fireannach, a tha e fhèin 45 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim co-cheangailte ris an tachartas agus gu bheil an sgrùdadh aca a' leantainn.