Dithis dheugairean a dhìth an Inbhir Ùige
- Air fhoillseachadh

Dh' iarr na poilis ann an Inbhir Ùige taic agus iad a' sireadh dithis dheugairean a tha a dhìth sa bhaile.
Tha Keir Earl 13 bliadhna a dh'aois, agus tha Colese Marsden 15.
Tha Keir caol, le craiceann bàn agus falt ruadh.
Bha lèine ball-coise dearg air nuair a chunnacas mu dheireadh e.
Tha Colese caol le falt fada dorch, ach bàn aig a' bhàrr.
Bha i a' caitheamh plaide dhuinn nuair a chaidh a faicinn mu dheireadh.