Ceathrar marbh ann an ceithir làithean

  • Air fhoillseachadh
Bealach na BàTùs an deilbh, Google

Chaidh ceathrar a mharbhadh ann an tubaistean le motor-baidhseagailean air rathaidean na h-Alba ann an ceithir làithean.

Bhàsaich fireannach, aois 60, ann an tubaist air Bealach na Bà air a' Chomraich mu 6:25f Didòmhnaich.

Disathairne, bhàsaich Dàibhidh Underwood, 44, à Eilginn, ann an tubaist ann an Arcaibh, agus chaidh boireannach a bha a' siubhal air dheireadh mhotor-bàidhseagail a mharbhadh ann an tubaist le bus le luchd-taic buill-choise air an A9, faisg air Baile Chloichridh.

Bhàsaich neach eile, 54, air motor-baidhseagal air an M74 Diardaoin.

Às dèidh an tubaiste air Bealach na Bà, thuirt na Poilis gun deach an duine a ghairm marbh aig an làraich.

Cha robh carbad eile an sàs, agus chaidh an rathad a dhùnadh treis fhad 's a rinneadh rannsachadh.