Naidheachdan 11:00m

Chuir poilis rannsachadh muirt air bhonn an dèidh ionnsaigh le sgithinn air màthair agus an nighean aice air sràid anns na West Midlands. Chaochail na boireannaich, a bha 49 agus 22, air an t-sràid ann an Solihull tràth sa mhadainn an-diugh. Thuirt na Poilis gur ann airson neach a b' aithne dhan dithis bhoireannach a tha iad a' coimhead.

Tha Ailig Salmond a' cumail a-mach gu bheil cuideigin ann an Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' sìor sgaoileadh fiosrachaidh mu dheidhinn. Tha an t-seann Phrìomh Mhinistear ag ràdh gu bheil iomairt "fìor mhì-chothromach" ann na aghaidh. Tha e ag iarraidh ath-sgrùdaidh laghail mun dòigh sa bheil Riaghaltas na h-Alba a' làimhseachadh na cùise, agus tha e a' dol às àicheadh gu tur chasaidean gun robh e ri mì-ghiùlain feiseil an aghaidh dithis bhoireannach fhad 's a bha e na Phrìomh Mhinistear. Tha am Pàrtaidh Làbarach ag iarraidh casg air Mgr Salmond bhon SNP, ach thuirt Nicola Sturgeon nach eil bunait laghail ann airson sin aig an àm seo.

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gum bu chòir ceannardan an airm ann am Myanmar a dhìteadh airson muirt. Dh'fhoillsich luchd-sgrùdaidh an UN fianais air murt, èigneachadh agus ciùradh air Muslamaich Rohingya. Tha còrr is 700,000 Rohingya air teicheadh à Myanmar air a' bhliadhna a chaidh seachad. Tha aithisg an UN ag ràdh gum bu chòir na ceannardan airm a thoirt gu Cùirt Eadar-Nàiseanta na h-Eucorra anns an Hague.

Heileacoptairean Sea King

Dh'innis Ministreachd an Dìon do dh'fheadhainn a bha ag obair le heileacoptairean Sea King gu bheil cunnart ann gun tug asbestos buaidh orra. Tha an MoD a' toirt phàirtean a dh'fhaodadh a bhith cunnartach a-mach às na h-itealain, a bha stèidhichte aig Feachd an Adhair ann an Inbhir Lòsaidh, agus aig HMS Gannet ann am Preastabhaig fad bhliadhnaichean. Tha seo an dèidh aithisg oifigeil a thuirt gur e buaidh asbestos, peatroil, no puinnsean de sheòrsa eile, a thug bàs do dh'fhear a bha ag obair air na Sea Kings aig aon àm.

Tha Àrd-Chonstabal ùr Phoileas Alba air tòiseachadh na dhreuchd an-diugh. Tha Iain Livingston fo chùmhnant airson ceithir bliadhna le roghainn sin a leudachadh. Ghabh e an t-àrd-dhreuchd an dèidh do Phil Gormley falbh anns a' Ghearran am-bliadhna, agus sreath chasaidean ann mu mhì-ghiùlain.