Plana Gàidhlig Àrainneachd Eachdraidheil Alba

  • Air fhoillseachadh
Iain Mac a' Ghobhain agus Nick Green aig Taigh-dubh Àrnoil.Tùs an deilbh, Historic Environment Scotland
Fo-thiotal an deilbh,

Plana Gàidhlig ga fhoillseachadh ann an Àrnol.

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba a' cur phrògramanan saor-thoileach Gàidhlig air dòigh aig Caisteal Dhùn Stadhainis faisg air an Òban agus aig Taigh Dubh Àrnoil ann an Leòdhas.

Seo pàirt de phlana Gàidhlig ùr na buidhne 'son 2018-2023, a dh'fhoillsich iad Diluain.

'S e amas a' phlana, tha iad ag ràdh, aithne a thoirt dhan Ghàidhlig agus a h-àite cudtromach ann an àrainneachd eachdraidheil na dùthcha.

Tha a' bhuidheann ag iarraidh air daoine aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig a dhol an sàs ann a bhith a' dealbhachadh agus a' dèanamh cuairtean do luchd-turais aig na làraichean eachdraidheil aca.

Thuirt oifigear Gàidhlig na buidhne, Ruairidh Greumach, gur e obair saor-thoileach a bhiodh ann agus cha bhiodh a' bhuidheann a' sùileachadh gum daoine ga dhèanamh ach mu uair sa mhìos - ged a dh'fhaodadh iad a dhèanamh nas trice na sin nan togradh iad.

"Tha sinn sùbailte a thaobh na bhiodh daoine airson a dhèanamh," thuirt e.

Nick Green, Iain Mac a' Ghobhainn agus Ally MacUilleim a' foillseachadh a' phlana Ghàidhlig.Tùs an deilbh, Historic Environment Scotland

Tha a leithid a chuairtean gan tabhann ann am Beurla mar-thà.

Tha dùil aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba gum bi eadar mìos agus trì mìosan de dh'obair rannsachaidh ri dhèanamh aig Caisteal Dhùn Stadhainis agus Taigh Dubh Àrnoil far am bithear a' trusadh fiosrachaidh airson na cuairtean a bhios daoine a' lìbhrigeadh.

Tha 29 làrach aig a' bhuidhinn mar-thà far a bheil Gàidhlig air a thaisbeanadh.

Anns a' phlana Ghàidhlig ùr tha amas ann an àireamh sin a leudachadh sna còig bliadhna ri teachd.