Buidheann ùr dualchais san amharc
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tèid buidheann ùr a stèidheachadh anns na h-Eileanan an Iar a dh'aithghearr gus comainn eachdraidh is buidhnean dualchais eile a riochdachadh.
Chaidh buidheann-stiùiridh ùr a chur air chòis roimhe gus a' chùis a sgrùdadh.
Tha buidhnean dualchais air feadh nan Eilean Siar air leigeil fhaicinn dhan bhuidhinn-stiùiridh sin gun cuireadh iad taic ris a' phròiseict.
Bhiodh a' bhuidheann ùr a' toirt taic is cuideachadh dha na diofar bhuidhnean a th' ann mar thà.
"Bha faireachdainn anns na buidheannan gun robh feum air rudeigin a dhèanamh 'son guth nam buidheannan coimhearsnachd a tha ag obair air dualchas a thoirt an cèill", thuirt cathraiche na buidhne stiùiridh, Coinneach MacAoidh.
Saor-thoileach
"Tha na comainn eachdraidh a' toirt tòrr dhan bhòrd a thaobh turasachd, a thaobh dèanamh obraichean ann an sgìrean gu math dùthchail, agus chan eil guth aca, agus tha e a' fàs nas duilghe is nas duilghe airgead fhaighinn 'son sin a chumail a' dol.
"Tha na comainn eachdraidh gu mòr an urra ri daoine a tha a' dèanamh chùisean gu saor-thoileach.
"Tha tòrr ann a tha ga dhèanamh nan còrnairean beaga fhèin, is tha sinne a' coimhead air dòighean air cuideachadh a dhèanamh", thuirt e.
Dh'innis Mgr MacAoidh gum faodadh taic a bhith ann a thaobh margaidheachd is sanasachd, is dòighean air taic-airgid fhaicinn.
Thuirt e gu bheil a' bhuidheann-stiùiridh a-nise "glè fhaisg" air a' bhuidheann ùr a stèidheachadh gu h-oifigeil.