Fear air a ghoirteachadh san Àth Leathann

  • Air fhoillseachadh
Cidhe an Àth LeathainnTùs an deilbh, Jim Barton/ Geograph

Chaidh fear a dhroch ghoirteachadh Diardaoin ann an tubaist aig cidhe an Àth Leathainn san Eilean Sgitheanach.

Chuireadh fios air na seirbheisean-èiginn mu 4.10f gun robh duine air tuiteam dhan mhuir.

Thuirt na poilis gun deach am fireannach, 53, a sgèith dhan ospadal ann an Glaschu.

Thug Poileas Alba taing dhan a h-uile duine a chuidich às dèidh dhan duine tuiteam.

Dh' iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh mu na thachair bruidhinn riutha ann an oifis Phort Rìgh air 101 is le àireamh NP3504/18 a thoirt seachad.