Dìon air pròiseas an Loch Seaforth
- Air fhoillseachadh

Thuirt Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, nach dèan Riaghaltas na h-Alba rannsachadh air aonta ionmhais an MV Loch Seaforth.
Tha CMAL a' gabhail a' bhàta air mhàl bho Bhanca Lloyds.
Thàinig e am bàrr air a' mhìos seo chaidh gum bi am bàta, agus na leasachaidhean puirt a dh'fheumadh e, air £67m a chosg dhan sporan phoblach mus tig an t-aonta a th' ann gu ceann ann an 2022.
Bidh am bàta fhathast leis a' bhanca an uairsin.
Bha an t-eòlaiche aiseig, Roy Pederson, am measg na thog dragh mun chùis.
Thog am BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd is nan Eilean, Rhoda Ghrannd, an gnothach aig Holyrood Diardaoin.
Pròiseas
Dh'fhaighnich i a bheil an Riaghaltas a-nise a' dol a dhèanamh rannsachaidh air a' ghnothach.
Thuirt Pòl Wheelhouse nach eil.
Thuirt am ministear gun deach am pròiseas a dhèanamh fo riaghailtean an Aonaidh Eòrpaich is gun robh an tairgse eaconomach as fheàrr aig Banca Lloyds.
Dh'innis e gun do rinn Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba rannsachadh mar-thà is nach do nochd ceist idir.
Thuirt e mar sin nach eil dad a dhùil aig Riaghaltas na h-Alba rannsachadh a bharrachd a dhèanamh.
Thuirt Rhoda Ghrannd gun robh freagairt Mghr Wheelhouse na briseadh-dùil.