Cead airson taigh-dhealbh
- Air fhoillseachadh

Dealbh dhen phlana airson taigh-dhealbh
Fhuair plana gus taigh-dhealbh a thogail ann an Cromba anns an Eilean Dubh cead bho chomhairlichean aig Comhairle na Gàidhealtachd.
Ghabhadh an taigh-dhealbh eadar 30 is 35 duine.
Dheigheadh a thogail ann an gàrradh ann an ceann a tuath a' bhaile.
B' e Oighreachd Chrombaidh agus Comann Fiolm Ruigh Sholais a chur cead-dealbhachaidh a-steach airson na pròiseict.
Chaidh cead a thoirt seachad aig coinneimh de chomataidh dhealbhachaidh a' chinn a tuath.
Tha taigh-dhealbh beag eile anns an Eilean Dubh - anns a' Bhlàr Dhubh.
Dh'fhosgail e ann an 2017 agus tha e air a ruith le luchd-obrach saor-thoileach.