Slighe ùr a' fàs
- Air fhoillseachadh

Tha buidheann choimheasnachd ann an Srath Pheofhair ag amas air crìoch a chur air slighe ùr a nì ceangal eadar am baile is Inbhir Pheofharain.
'S ann do luchd-coiseachd is luchd-baidhseagail a bhios an t-Slighe Pheofhair
Tha i gu ìre mhòir a' leantainn na slighe rèile a thug luchd-turais gu Spatha Shrath Pheofhair ann an linn Bhictoria.
Fhuaireadh cead airson na slighe mar-thà is chaidh cuid mhath den obair a dhèanamh gu saor-thoileach cuideachd.
Buannachdan
Tha oidhirpean a' leantainn gus an còrr den airgead a tha a dhìth a chruinneachadh.
"Bidh cothrom aig daoine de dhiofar aoisean is comasan an ceum-coiseachd seo a chur gu feum", thuirt Ron MacAmhlaigh bho Chomann na Slighe Peofhaire.
"'S e rud gu math sònraichte a th' ann seann staran fhosgladh às ùr is daoine a bhrosnachadh a dhol a-mach air a' bhlàr a-muigh", thuirt e.
Dh'innis Mgr MacAmhlaigh cuideachd gu bheil tòrr dhaoine air a bhith a' coiseachd air na pìosan den staran a tha deiseil mar-thà.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 An Dàmhair 2016
