Am Fame briste aig cidhe an Tairbeirt
- Air fhoillseachadh

Tha seirbheisean aiseig na Hearadh agus Uibhist a Tuath troimh chèile às dèidh tubaist a bh' aig bàta-bathair faisg air an Tairbeart.
Chaidh am Fame, a bha ag obair aig tuathanas-èisg, air a' ghrunnd anns an Loch an Ear, faisg air an Tairbeart, Là na Sàbaid.
Thachair an tubaist goirid às dèidh 06:15.
Chaidh cron a dhèanamh air an eathar agus thòisich uisge a' dòrtadh a-staigh.
Chaidh cobhair a dhèanamh air le Seirbheis Smàlaidh agus Cobhair na h-Alba, Sgiobannan Maor-Chladaich, bàta-teasairginn Steòrnabhaigh agus le eathar eile bho thuathanas-eisg.
Tron obair-chàraidh chaidh aca air cuidhteas fhaighinn dhan uisge a bh' air bòrd tro phumpaichean an eathar.
Cha deach duine den chriutha a ghoirteachadh agus cha deach truailleadh sam bith a dhèanamh.
Tha am Fame a-nis ceangailte aig cidhe an Tairbeirt.
Tha daibhearan air a bhith a' dèanamh sgrùdaidh air a' bhàta fon uisge faic an gabh am Fame a ghluasad bho far a bheil i.
Seach nach urrainn dhan bhàta-aiseig aig Caledonian Mac a' Bhruthainn, an MV Hebrides, an cidhe a chleachdadh, chaidh luchd-siubhal an aiseig a chur a Steòrnabhagh Là na Sàbaid, agus an-diugh, agus bidh atharrachaidhean, taobh a-muigh eile anns an t-seirbheis tron là.