Cùirn nan sìthichean gan leagail
Tha comhairle ga toirt do luchd-turais san Eilean Sgitheanach gun a bhith a' togail chàrn dha na sìthichean aig àite ris an canar "Fairy Glen" aig Baile nan Cnoc ann an ceann a tuath an eilein.
Seo às dèidh do dhaoine san àite cruinneachadh sa ghleann feasgar Disathairne airson na cùirn a leagail agus na clachan a thoirt air falbh is iad dhen bheachd gu bheil iad milleadh àrainneachd an àite.
Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.