Uisge trom air sgeama cumhachd a mhilleadh sna Hearadh
- Air fhoillseachadh

Dh'adhbhraich uisge trom anns an Hearadh maoim-slèibh oidhche Luain.
Tha Urras Taobh Siar na Hearadh ag ràdh gum bi fear de na sgeamaichean cumhachd uisge aca na thàmh rè ùine ri linn an uisge thruim a dh'adhbhraich maoim-slèibhe san eilean oidhche Luain.
Chan eil an sgeama, a tha mar phàirt de thrì phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail aig an Urras, ach dà bhliadhna de dh'aois.
Tha an t-Urras ag ràdh gun do sguab an t-uisge suas ri 300 tunna de chlachan a-mach às an abhainn.
Chaidh milleadh mòr a dhèanamh air an uidheamachd anns an stèisean-pumpaidh cuideachd.
Ged 's e sgeama cumhachd uisge a th' ann, cha robh muinntir an àite riamh an dùil gum faiceadh e na tha seo de dh'uisge.
Tha iad a' dèanamh dheth gun do thuit mu 65ml de dh'uisge san sgìre ann an ùine ghoirid.
Milleadh
Dh'innis fear de stiùrichean an Urrais gun deach milleadh mòr a dhèanadh air an sgeama.
Chaidh a' phiob a rusgadh a-mach às an talamh, ged a tha i fhathast coileanta.
Thuirt Ruairidh MacIllinnein cuideachd:' 'Feumaidh sinn feitheamh gus an tig feadhainn a choimhead air ach am faic iad dè ghabhas dèanamh, dè tha ceàrr, cò tha a' dol a phàigheadh air a shon agus dè tha dol a thachairt''.
Chuir e ri sin agus e ag ràdh gun do rinn an sgeama feum mòr dhan sgìre, ach gum bi i dheth airson co-dhiù dà mhìos, mura bi barrachd, mus fhaighear air a càradh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An t-Sultain 2018
