Rathad a' Mholl dhan mhuir
- Air fhoillseachadh

Thuit pàirt de Rathad a' Mholl dhan mhuir
Thuit pàirt de rathad san Eilean Sgitheanach dhan mhuir le cho trom 's a bha an t-uisge.
Chaidh pàirt den rathad, a tha a' dol dhan Mholl, faisg air Sconnsar, air taobh sear an eilein, a leigeil ann am maoim-slèibhe.
Chan eil an rathad air a chleachdadh ro thric ach a-mhàin nuair a tha trioblaid air a' phrìomh rathad.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil agus gum bi an rathad dùinte.
Cha do dh'innis iad dè cho fada 's a bhios e dùinte ge-tà.