Naidheachdan 11:00m

Tha uisge trom agus gèile a' gluasad air feadh Alba leis a' chiad stoirm den fhoghar. Tha dùil ri gaoith cho mòr ri 80m.s.u. aig amannan, le Stoirm Ali, agus tha rabhadh ann dhan mhòr-chuid de dh'Alba mu thuiltean agus neart na gaoithe. Tha maill air luchd-siubhail, agus tha na h-uimhir de na seirbheisean aiseig dheth mar thà.

Thuirt Àrd-Bharganaiche an Aonaidh Eòrpaich airson Brexit, Michel Barnier, gu bheil molaidhean ùra aige airson Crìoch na h-Èireann - an cnap-starra as motha sna còmhraidhean. Tha a h-uile coltas gun tèid bruidhinn air a' mholadh ùr sin nuair a choinnicheas am Prìomhaire, Theresa May, ris na ceannardan Eòrpach eile ann an Salzburg anns an Ostair a-nochd.

Tha a h-uile coltas gum bhòt Pàrlamaid na h-Alba an aghaidh Riaghaltas na h-Alba an-diugh air na deuchainnean connspaideach ann am P1 anns na bun-sgoiltean. Tha na pàrtaidhean dùbhlannach ag iarraidh cur às dhan mheasadh air cloinn air a' chiad bhliadhna sa bhun-sgoil, ged a tha Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, a' cumail a-mach gur e innleachd luachmhor a th' ann do thidsearan. Tha na pàrtaidhean dùbhlannach ag ràdh gum feumar èisteachd ris na tidsearan, agus ri guth na Pàrlamaid.

Dh'èirich ìre na h-Atmhorachd nas motha na bha dùil bho 2.5% gu 2.7% anns an Lùnastal. 'S e 2% targaid an Riaghaltais. Agus bha cosgais bith-beò suas cuideachd 2.7% air a' bhliadhna dhan Lùnastal a rèir nam figearan as ùire bho Oifis na Staitistig Nàiseanta. Tha sin gu math os cionn an 2.4% a bha na h-eòlaichean eaconomach a' sùileachadh.

'S e fàs de 0.5% a bh' ann an eaconomaidh na h-Alba air an dàrna cairteal den bhliadhna a rèir nam figearan oifigeil as ùire. Tha an àireamh sin beagan nas motha na bha fàs eaconomach aig 0.4% air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Rinn an t-uisge mòr a dh'fhàg maoim-slèibhe air an Tairbeart anns na Hearadh milleadh cuideachd air sgeama dealain haidro leis a' choimhearsnachd. Thuirt Urras Taobh Siar na Hearadh gun do sguab an t-uisge na ceudan thunnaichean de chlachan a-mach às an abhainn far a bheil an sgeama, agus gun deach uidheamachd an sin a mhilleadh.