Sgeama 'son àireamh chlèibh a lùghdachadh
- Air fhoillseachadh

Thèid sgeama pìleit a chur air chois airson an àireamh chlèibh ann an uisgeachan nan Eilean Siar a lùghdachadh.
Tha seo ri linn dragh a-measg nan iasgairean fhèin gu bheil cus gan cleachdadh, agus gu bheil sin a' dèanamh cron air stoc a' mhaoraich.
Tha iasgach airson giomaich agus crùbagan far nan eilean air a dhol am meud san 30 bliadhna mu dheireadh.
Tòisichidh an sgeama, a bhios air a ruith le Riaghaltas na h-Alba, as t-earrach an ath-bhliadhna.
Cha bhi cead aig bàtaichean uidhir a chlèibh a chur dhan uisge agus bidh comharra sònraichte air a h-uile cliabh a tha sa mhuir eadar Grabhair ann an Leòdhas agus deas air Barraigh.
Thèid an fheadhainn a tha gun chomharra a thogail agus a thoirt air falbh.
Moladh
'S ann bho na h-iasgairean fhèin a thàinig am moladh airson an sgeama seo agus tha dòchas ann gun leudaich stoc a' mhaoraich ri linn.
Tha Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, misneachail gun obraich an sgeama.
"Nuair a bhios an fheadhainn a tha a' riaghladh na mara agus a' coimhead air an deach an lagh a bhriseadh, feumaidh ainm eathar a bhith air a h-uile put a th' ann agus tha iad an dùil an uairsin a bhith a' cur nan oifigearan aca fhèin air bòrd nan eathraichean le ribs luath.
"Agus ma bhios clèibh air an cur agus gun comharra orra thèid na clèibh a tha sin a thogail agus aig a' phrìs a tha clèibh an-diugh cha bhi daoine a' cur clèibh gu mì-laghail idir," thuirt e.