112 dreuchdan cùraim bàn sna h-Eileanan an Iar

  • Air fhoillseachadh
Cùram ga thoirt do sheann bhoireannach

Tha 112 dreuchdan falamh an-dràsta ann an seirbheisean cùraim anns na h-Eileanan an Iar.

Tha dragh ann mun bhuaidh a tha cion luchd-obrach a' toirt air an t-seirbheis agus e coltach gu bheil sin a' cur maill mu thràth air cùram euslainteach agus seann daoine.

Thuirt Cathraiche Bòrd Amalaichte Cùraim is Slàinte nan Eilean Siar, (an IJB), Coinneach Iain MacLeòid,gur iad boireannaich mar as trice a tha a' dèanamh na h-obrach, ach dh'iarradh iad air fireannaich beachdachadh air cur a-steach airson nan dreuchdan cuideachd.

"Tha na h-obraichean fosgailte do dh'fhireannaich agus bhoireannaich," thuirt e.

Cion luchd-obrach

Ach le a bhith a' gabhail ris gur iad boireannaich as dualtaiche cur a-steach airson nan obraichean tha Mgr MacLeòid ag ràdh gu bheil clàran a' sealltainn gu bheil duilgheadas ann a thaobh cion-luchd obrach.

Tha nas lugha bhoireannach a' lorg obraichean na tha ann de bhreàrnan ann an dreuchdan cùraim agus chan e a h-uile tè a tha a' sireadh obrach a dh'iarradh dreuchd ann an seirbheisean cùraim.

A thuilleadh air sin dh'fhaodadh nach còrdadh na h-uairean-obrach ri daoine.

"Uaireanan feumar tòiseachadh tràth sna madainnean, agus bithear ag obair gu às dèidh meadhan oidhche, agus chan eil sin a' freagairt air a h-uile duine," thuirt e.

Uallach

Ach feumaidh an IJB feuchainn ris a' chùram sin a thabhann agus nuair a tha cuid de dhreuchdan air am fàgail bàn tha barrachd uallaich a' dol air an fheadhainn a tha a' dèanamh na h-obrach.

Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil iad mothachail air sin agus gum feum iad feuchainn ris an taic a tha a dhìth a thoirt seachad.

Tha Mgr MacLeòid ag ràdh cuideachd gu bheil mar a tha mòran dhaoine a' fuireach ann an sgìrean dùthchail a' cur ris an dùbhlan a tha rompa.

A thuilleadh air sin tha àireamh mhòr de sheann daoine a' fuireach sna h-Eileanan an Iar an taca ri sgìrean eile.

"Tha na feumalachdan aca nas toinnte agus chan eil sin furasta a choinneachadh nuair a tha dìth luchd-obrach againne," thuirt Mgr MacLeòid.

Chuir an IJB £500,000 mu choinneimh sgeama preantasachd gus òigridh a thàladh chun an t-seòrsa obrach seo agus tha cuid air tòiseachadh ag obair anns an roinn ri linn, ach thuirt Mgr MacLeòid nach robh an àireamh cho mòr 's a lùigeadh iad.