Plana 'son ESCo na bhuile do dh'Inbhir Pheofharain

  • Air fhoillseachadh
Làrach Companaidh Bhradainn Dhùn ÈideannTùs an deilbh, Google

Thuirt Ball-Pàrlamaid sgìre Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse gur e naidheachd sgriosail a th' ann gur dòcha gun tèid 250 obair a chall ann an Inbhir Pheofharain.

Dh'innis a' bhuidheann leis a bheil Companaidh Bhradain Dhùn Eideann (ESCo) sa bhaile gu bheil iad an dùil an gnothachas a reic, neo a dhùnadh.

Thuirt Ian Blackford gur e buile mhòr a bhios ann dhan sgìre ma dhùineas an fhactaraidh.

Thuirt e cuideachd gum faodadh i a bhith air a glèidheadh,

Cosnaidhean

Chaidh Companaidh Bhradain Dhùn Eideann a chur air dòigh ann an 1992.

Bidh iad a' giollachd agus a' sgaoileadh bhradain smocte gu companaidhean eile.

Tha 163 duine a' faighinn cosnaidh làn-ùine, le eadar 80 agus 100 luchd-obrach companaidh-fastaidh a' faighinn cosnaidh ann cuideachd.

Cheannaich a' chompanaidh Fhraingeach, Européene de la Mer, an gnìomachas bho chionn còrr is sia bliadhna.

Ach sa cheithir bliadhna mu dheireadh tha e air a bhith a' call nam milleanan Notaichean.

Tha Européene de la Mer - a tha na meur de Bhuidhinn Aonaidh Thai - ag ràdh nach eil roghainn aca ach an gnìomachas ann an Inbhir Pheotharain a dhùnadh neo a reic ri linn cho doirbh s a tha a' mhargaidh.

Dòchas

Thuirt BP na sgìre, Ian Blackford, gun toir e fìor dhroch bhuaidh air an àite ma dhùineas an fhactaraidh, agus gun robh e gu mòr an dòchas gun deadh a ceannach le companaidh eile.

"Tha iarrtas mòr ann airson bradain Albannaich. Tha tòrr airgid ga chosg air a' gnìomhachas."

"Tha mi mionnaichte às gur e gnìomhachas a tha seo a dh'fhaodadh a bhith maireannach," thuirt e.

Tha Mgr Blackford a' gabhail ris, ge-tà, gur e àm dùbhlanach a th' ann an-dràsta agus gu bheil ESCo air a bhith a' call airgid.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun urrainn dhuinn a ràdh ri buidhinn sam bith aig a bheil ùidh a ceannach gur e gnìomhachas a tha seo a dh'fhaodadh a bhith soirbheachail san àm ri teachd," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo