RBS a' dearbhadh gun cùm iad am banca ann am Barraigh fosgailte
Dhearbh Banca Rìoghail na h-Alba gu bheil iad a' cumail a bhanca aca ann am Barraigh fosgailte.
Rinn iad ath-sgrùdadh air deich meoir a bha fo chunnart dùnadh.
Dh' innse iad cuideachd gum bidh banca Bhiggar sna Crìochan a' fuireach fosgailte.
Tha'm banca ag ràdh nach bith ath-sgrùdadh a bharrachd a-nis aca air an seo ro dhà mhìle 's fìchead.
Tha'n aithris seo aig an fhear naidheachd phoileataiceach againn, Mìcheal MacNèil.