Seirbheis cuimhneachaidh airson an 'Annie Jane'
- Air fhoillseachadh

Thèid cuimhneachadh air an 350 neach a fhuair bàs bho chionn 165 bliadhna nuair a chaidh am bàta, an Annie Jane fodha faisg air Bhatarsaigh, le seirbheis ga chumail anns an eilean Didòmhnaich.
Bha an Annie Jane a' toirt 450 eilthireach à Liverpool gu ruige Canada, nuair a chaidh i air na creagan ann an stoirm far Bhatarsaigh air an 28mh den t-Sultain 1853.
Aig an àm chaidh cuirp nam marbh a thìodhlaiceadh ann an dà uaigh mhòr gun chomharradh.
Bha a' chuid mhòr a bha air bòrd a' siubhal a Chanada airson beatha nas fheàrr, agus bha measgachadh oirre de theaghlaichean bho Eirinn is Alba, clann à Lunnain, agus luchd-obrach rèile à Glaschu a bha a' dol a dh'fhaighinn cosnaidh a' togail an rathad-iarainn ann an Canada.
Bàta-bathair
Thèid an t-seirbheis a chumail ann a' Bhatarsaigh leis an t-sagart, Mgr Iain Pòl MacFhionghuin, agus an Dr Lindsay Schluter bho Eaglais na h-Alba ann am Barraigh.
'Se bàta-bathair a bh'anns an Annie Jane 's bha i a' tarraing iarainn throm.
Bha an caiptean air feuchainn tarsainn a' Chuan Siar mar tha, ach b'fheudar dha tilleadh leis gun robh fìor dhroch shìde ann.

Model den bhàta, an Annie Jane, a dh'fhàg Liverpool agus i dèanamh air Montreal
Air an dàrna trup, dh'èirich neart na gaoithe timcheall nan Eilean Siar agus dh'fheuch an caiptean fasgadh fhaighinn bho na stuadhan mòra ann am Bàgh Bhatarsaigh.
Ach cha robh for aige gun robh creagan 's a bhàgh, agus chaidh an Annie Jane orra.
Bhris am bàta an àirde agus chaidh i a' sguabadh gu tìr ann an trì pìosan.
Chaidh cobhair a dhèanamh air na daoine a thàinig aiste beò.
Buaidh mhòr
Ach airson na daoine bochda a chaidh a bhàthadh, cha robh fiodh aig muintir an eilein airson cisteachean-laighe a dhèanamh dhaibh.
B' fheudar an tiodhlaiceadh còmhla ann an dà an ùaigh mhòr.
Thuirt an Dr Schluter: "'Bha buaidh mhòr aig a seo air na daoine a bha a' fuireach ann a' Bhatarsaigh - cha robh mòran dhiubh air fhàgail ann leis gun deach iomadach teaghlach fhuadach às.
"Bha an aon chur thice ann am Barraigh, bha na daoine a' fulang le bochdain, agus bha e na dhuilgheadas mòr dhaibh a bhith a' coimhead às dèidh na daoine a fhuair às le am beatha bhon an Annie Jane, agus a bhith a' tiodhlaiceadh nam marbh".
"Thug seo buaidh air iomadach beatha air feadh Bhreatainn agus 's ann mun Annie Jane a chaidh a' chiad rannsachadh poblach air tubaist mhòr a chumail san rìoghachd", thuirt i.
Thèid an t-seirbheis a' chumail Didòmhnaich aig carra-cuimhne an Annie Jane aig 3f.