Naidheachdan 11:00m

Chaidh càin de chòrr air £16m a chur air Banca Tesco air sgàth 's mar a dh'fhailich orra luchd-cleachdaidh a dhìon o ionnsaigh cyber ann an 2016. Thuirt Ùghdarras a' Ghiùlain Ionmhasail, an FCA, nach robh Tesco air càil a dhèanamh mu rabhadh gun robh cunntasan ann an cunnart. Chaidh airgead a thoirt à cunntasan dhaoine, 's chaidh còrr air £2m a ghoid uile gu lèir. Thuirt Tesco gun robh iad air leth duilich, agus gun robh iad air piseach a thoirt air tèarainteachd on uair sin.

Tha Philip Hammond, an Seansalair, air a bhith a' dìon plana Bhrexit Chequers. Thuirt e gun ceadaicheadh am plana dhan Rìoghachd Aonaichte cumail orra a' malairt ris an Roinn Eòrpa mar dheagh nàbaidhean. Canaidh Mgr Hammond aig co-labhairt nan Tòraidhean ann am Birmingham, gum feum am pàrtaidh taic a chur ri calpachas san 21mh Linn.

Tha Indonèisia air cuideachadh on choimhearsnachd eadar-nàiseanta iarraidh 's iad a' feuchainn ri stuthan cobhair gus uidheamachd throm fhaighinn gu Sulawesi. Chaidh an t-eilean a sgrios ann an crith-thalmhainn agus ann an tsunami Dihaoine. Tha feadhainn a thàinig beò às ann am baile Palu ag ràdh gu bheil iad a' ruith a-mach à uisge glan, agus cuideachd a' ruith a-mach à biadh.

Tha iomgain gum faodadh gun tèid Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh a chall air sàilleabh pròiseict ath-nuadhachaidh ann an sgìre den bhaile. Bidh aithisg air beulaibh chomhairlichean a-màireach a tha ag ràdh gu bheil luchd-leasachaidh ag iarraidh làrach far a bheil an taigh-spadaidh a cheannach. Tha oifigearan ag iarraidh obrachadh còmhla ri luchd-cleachdaidh airson taigh-spadaidh ùr a thogail ùr a thogail. Ach tha ceistean mu choinneimh an tachair sin gus nach tachair.

Tha na Poilis air iarraidh air a' phoball fios a chur thuca anns a' bhad ma tha fiosrachadh sam bith aca mu dheugaire a tha iad a' sireadh. Tha oifigearan ag ràdh nach bu chòir do dhuine sam bith a dhol faisg air Jack Moffat, a tha 19. Tha iad a' feuchainn ri lorg fhaighinn air às dèidh tachartais ann am Baile Chloichridh anns an Ògmhios.

Chaochail an Canon Iain Aonghas Dòmhnallach. Chaidh Mgr Dòmhnallach, a bhuineadh do dh'Uibhist a Deas, òrdanachadh mar shagart o thùs leis an Easbaid Cailean Mac a' Phearsain. Bha e a' teagasg air Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain, 's bha e an uair sin na shagart ann an Àrasaig, Bòrnais, Dalabrog, an Gearasdan agus Ceann a' Ghiùthsaich. Bha e aithnichte cuideachd airson obair sgoilearachd. Chaochail e aig aois 73.