Leabhraichean Gàidhlig Fèis Leabhraichean Ìle

Chaidh Fèis Leabhraichean Ìle a chumail thairis air an deireadh sheachdain, agus airson an darna turas bha leabhraichean Gàidhlig am measg nan cuspairean deasbaid.

Chualas mu leabhar air seann fhaclan Èirisgeach, fear eile mu a bhith a' buain na moine agus mu chruinneachadh de dh'òrain Ìleach.