Trèanaichean oidhche ùra air dheireadh

  • Air fhoillseachadh
Trèana-oidhcheTùs an deilbh, Andrew Abbott/Geograph

Chaidh a' chompanaidh Serco, a tha a' ruith na seirbheis rèile tron oidhche eadar a' Ghàidhealtachd agus Lunnainn, a chàineadh ri linn 's nach eil iad air trèanaichean ùra a chur air an t-seirbheis ann an tìde.

Gheall Serco trèanaichean ùra nuair a fhuair iad an cùmhnant, ach tha iad ag ràdh gu bheil deuchainnean is eile air dàil a chur orra.

Thuirt am BPA Uaineach, Iain Finnie, nach do chùm iad ris a' ghealltanas aca.

Thuirt Serco gum bi na trèanaichean ùra air an t-seirbheis ron Chèitean.