Fear a bhàsaich san Òban ga ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Dh'ainmich na Poilis an t-seann duine a chaidh fhaighinn marbh ann an taigh san Òban sa mhadainn Diluain.
Bha Màrtainn Mac a' Ghobhainn, a bha a' fuireach ann Cùirt Cholm Chille sa bhaile, 73 bliadhna de dh'aois.
Chaidh fear mu choineamh na cùirte ann an Dùn Bhreatann Dimàirt fo chasaid mu bhàs.
Cha do rinn Oskars Rancevs, a tha 32 bhliadhna de dh'aois, tagradh sam bith agus chaidh a chumail an grèim.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An Dàmhair 2018
