"Chan eil Bile ùr na Còmhdhail math gu leòr"
- Air fhoillseachadh

Thuirt luchd-iomairt nach eil Bile ùr na Còmhdhail a tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh gu leòr airson seirbheisean bus ann an sgìrean leithid na Gàidhealtachd is nan Eileanan a dhìon agus a leasachadh.
Thug an Riaghaltas am bile ùr a-steach as t-Samhradh.
Chuala buill fianais Diciadain gu sònraichte a thaobh seirbheisean bus.
Dh'innis an carthannas Buidheann-Ghnìomha nan Sgìrean Dùthchail nach eil am bile mar a tha e a' dol fada gu leòr.
Thuirt àrd-stiùriche na buidhne, Emma Cooper, gu bheil cruaidh-fheum aig sgìrean dùthchail air seirbheisean bus, ach gu bheil seirbheisean air an gearradh air feadh na dùthcha.
Thuirt i, fo na molaidhean a th' ann, gum biodh glè bheag de dhiofar ann bhon t-suidheachadh a th' ann.
Thuirt i gu bheil feum air plana radaigeach, gus ceangal a dhèanamh eadar busaichean, aiseagan, trèanaichean is plèanaichean.
Thuirt an Riaghaltas gun toir am bile barrachd chothroman is sùbailteachd do chomhairlean ionadail gus piseach a thoirt air seirbheisean bus.