Leabhar ùr mu chall na h-Iolaire
- Air fhoillseachadh

Thèid an leabhar fhoillseachadh air a' chiad là den t-Samhain aig an fhèis litreachais Faclan.
Thèid an leabhar as coileanta fhathast mu chall na h-Iolaire - "The Darkest Dawn" - fhoillseachadh air a' chiad là den ath-mhìos.
'S e an leabhar toradh obair 20 bliadhna a rinn na h-ùghdarran Calum Dòmhnallach à Steòrnabhagh agus Dòmhnall Iain MacLeòid a bhuineadh dha na Hearadh agus a bhàsaich na bu thràithe am-bliadhna.
'S e a' chompanaidh Acair a tha a' foillseachadh an leabhair.
Rannsachadh
Thuirt stiùiriche na companaidh, Agnes Rennie, gun do rinn na h-ùghdarran obair iomhalta.
"Cha b' urrainn dhaibh a bhith air a dhèanamh mura biodh an taic agus an cuideachadh a fhuair iad bho dhaoine eile - feadhainn anns a' choimhearsnachd, feadhainn a bhuineadh dhan fheadhainn a bh' air bòrd agus, gu seachd-àraid, na comainn eachdraidh".
Thuirt i gun do rannsaich an dithis ùghdarran sgeulachd beatha a h-uile duine a bh' air bòrd - eadar na chaidh a chall agus na thàinig beò às.
"Lorg iad cò iad agus dè thachair dhaibh - cò às a bha iad air a thighinn, dè na bailtean dham buineadh iad agus, dhan fheadhainn a shàbhaileadh, cait' an deach iad às dèidh dhaibh faighinn air tìr".
"Glè thric 's e sgeulachd gu math duilich a bha sin cuideachd".
Bha seanair Chaluim Dhòmhnallaich fhèin am measg na chaidh a chall anns an tubaist.
"Bha Malcolm air fàs suas mus d' fhuair e sin a-mach agus tha mi a' smaoineachadh ann an dòigh gun do phiobraich sin an ùidh mhòr a tha, agus a bh' aig Malcolm a-riamh, anns an sgeulachd a bha seo".
Thèid an leabhar fhoillseachadh air a' chiad là den t-Samhain mar phàirt den fhèis litreachais Faclan ann an Steòrnabhagh.