Sgrùdadh air ìrean thuathanasan èisg

  • Air fhoillseachadh
Tuathanas èisgTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha 56 tuathanas èisg fon ìre a thathas a' sùileachadh

Dh'fhailich air aon a-mach à còig tuathanasan èisg ann an Alba ìrean àrainneachd iomchaidh a ruighinn - a rèir àireamhan bhon riaghladair SEPA.

Chlàir iad 56 tuathanas èisg - a-mach à 297 - mar a bhith "ann an cunnart", "truagh" neo "gu math truagh".

B' e aon tuathanas èisg às gach seachd a bha fon ìre a bhathas a' sùileachadh an-uiridh.

Tha seo a' tighinn agus Comataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba a' cur crìch air aithisg mun ghnìomhachas.

Thuirt riochdairean a' gnnìomhachais gu bheil iad a' cur romhpa ìrean àrdachadh.