Naidheachdan 11:00m

Chuir a' chompanaidh mhòr Unilever às dhan phlana airson na prìomh oifisean aca a ghluasad à Lunnainn gu Rotterdam. Thuirt a' bhuidheann, a tha a' dèanamh farsainneachd de bhiadh agus stuthan nighe ainmeil, gun do dhiùlt luchd nan earrainnean am plana. Nuair a dh'innis Unilever an toiseach gun robh iad am beachd gluasad dhan Òlaind thuirt iad nach robh gnothach aig sin ri Breatainn a bhith a' falbh às an Aonadh Eòrpach, ged a bha luchd-iomairt an aghaidh Bhrexit ag ràdh gur e buille mhòr a bh' ann do Riaghaltas Bhreatainn.

Tha ceathrar de cheannardan poileataigeach Èireann a Tuath a' coinneachadh ri Àrd-Bharganaiche an EU air Brexit, Michel Barnier, anns a' Bhruiseil an-diugh, agus iad a' deasbad fuasgladh air ceist na crìche ann an Èirinn. Thuirt Taoiseach na h-Èireann, Leo Varadkar, gum faodadh aonta air Brexit tighinn gu buil an taobh a-staigh cola-deug. Ach thuirt Leas-Cheann-Suidhe Sinn Féin, Michelle O' Neill, a th' anns a' Bhruiseil, gum feum gach taobh anns an deasbad mu Bhrexit cuimhneachadh gun do bhòt muinntir Èireann a Tuath airson fuireach anns an EU.

Tha dragh air luchd-teasairginn ann an Eilean Sulawesi ann an Indonèisia gum faodadh cho mòr ri 1,000 duine a bhith air an tiodhlacadh fo sprùilleach far an do thuit sgeama taigheadais ann am baile Palu. Tha seachdain ann a-niste bho thàinig crith-thalmhainn agus tsunami mhòr air an sgìre. Bha luchd-teasairginn den bheachd an toiseach nach robh ann ach mu 100 duine a dhìth san sgeama thaighean. Tha an àireamh a chaill am beatha uile gu lèir aig còrr is 1,500 an-dràsta.

Tha rannsachadh eucoir a' dol air adhart mun dòigh san deach sgudal meidigeach le pàirtean bodhaige na mheasg a chàrnadh aig sia làraichean aig feadh na dùthcha. Thuirt Buidheann Àrainneachd Shasainn gun do bhrist a' chompanaidh Healthcare Environmental Services, a tha stèidhichte ann an Shotts ann an Siorrachd Lannraig, an cùmhnant airson na h-obrach. Thuirt Buidheann Àrainneachd na h-Alba, SEPA, gu bheil iad a' rannsachadh na làraich ann an Shotts, agus làrach eile ann an Dùn Dè.

Chàin an t-aonadh Unite àrdachadh pàighidh a tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd a thoirt do chuid de na h-àrd-oifigich. A rèir an fhiosrachaidh a th' aig a' BhBC bhiodh sin a' cur mu 20% a bharrachd ri tuarastal cuid de na ceannardan. Tha Unite ag ràdh gu bheil sin cho math ri £12,000 sa bhliadhna, nuair a tha iadsan a' moladh dhan bhallrachd aca àrdachadh pàighidh a dhiùltadh nach toireadh ach beagan is £7 san t-seachdain do chuid dhiubh.