Barrachd airgid ga shireadh 'son a' Mhòid

  • Air fhoillseachadh
Còisir

Thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich gum bu chòir barrachd taic-airgid a bhith ann 'son a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

Bha Ailean Caimbeul a' bruidhinn is Mòd na bliadhna gus fosgladh ann an Dùn Omhain Dihaoine.

Dh'innis Mgr Caimbeul gu bheil duilgheadasan air a bhith aig comataidh ionadail a' Mhòid am-bliadhna airgead a thogail.

Thuirt e nach do thog iad ach an dàrna leth den targaid a bh' aca.

Lìonaidh an Comunn Gàidhealach fhèin an toll.

Iomairt

Thuirt Mgr Caimbeul gu bheil an Comunn taingeil airson gach taic a tha iad a' faighinn bho leithid Riaghaltas na h-Alba is Bòrd na Gàidhlig.

Ach thuirt e gum bi a' bhuidheann ag iomairt airson barrachd airgid fhaighinn.

"Chaidh a ràdh aig a' Mhòd an-uiridh gum bu chòir 's dòcha dhan Mhòd Nàiseanta a bhith air a mheas mar ulaidh luachmhor nàiseanta ann an Alba, rudeigin a tha air leth cudromach a thaobh a' chànain is a' chultair, thuirt Mgr Caimbeul.

"Tha mi a' smaoineachadh nam biomaid a' gabhail ris an argamaid sin, gu bheil còir aig a' Mhòd a bhith a' faotainn ionmhais is taic is tèarainteachd a rèir sin", thuirt e.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh