Mòd Dhùn Omhainn
Le Mòd Nàiseanta na bliadhna sa a' tòiseachadh aig deireadh na seachdainn ann an Dùn Omhainn, nochd iarrtas bho Cheann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich airson taic-airgid a bharrachd dhan fhèis.
Tha seo a' tighinn agus duilgheadasan air a bhith aig a' chomataidh ionadail airgead a thogail am bliadhna.
Tha Ailean Caimbeul ag ràdh gum bu chòir dhan Mhòd a bhith air a mheas mar "ulaidh nàiseanta", agus maoineachadh freagarrach fhaighinn.
Tha an aithris seo aig Doneil MacLeòid.