Rabhadh bho Stòras Uibhist

A rèir bhòrd-stiùiridh Sealladh na Beinne Mòire, leis a bheil Stòras Uibhist, dh'fhaodadh trioblaidean a bhith air fàire mura tèid smachd ceart a ghabhail air suidheachadh ionmhais na companaidh.

Sin na chuala daoine aig coinneimh phoblaich a chaidh a chumail air an deireadh sheachdain.

Aig a cheart àm ge-ta thuirt am bòrd gun gabh cùisean a chuir air stèidh nas cinntiche.

Seo Shona NicDhòmhnaill.