Dìreach dithis a' farpais 'son Seann Nòs nam Fear
- Air fhoillseachadh

'S e John Jo MacNèill à Barraigh a bhuannaich an duais an-uiridh
Cha tàinig air adhart ach dithis fhireannach 'son farpais an t-Seann Nòis aig a' Mhod Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain am-bliadhna.
Bha seachdnar a' farpais an-uiridh, agus ceathrar a-bhòn-uiridh.
Tha farpais nam ban gu math nas fhallaine le 14 a-staigh air a son.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt an seinneadair Pòl McCallum, a bhuannaich an duais ann an 1985, gun robh 's dòcha grunn adhbharan airson seo, nam measg gu bheil am Mòd ann an Glaschu an ath-bhliadhna agus 's dòcha gu bheil daoine a' feitheamh chun an sin 'son farpais.
Duais Luachmhor
Thuirt e cuideachd gu bheil fireannaich nas diùide na boireannaich agus leis gu bheil an fharpais a-nise ri fhaicinn beò air an telebhisean, chan eil na fir cho deònach a bhith a' dèanamh mearachd fhad 's a tha iad air an àrd-ùrlar air beulaibh sluaigh aig an taigh.
Thuirt Ceann-Suidhe a' Chomuinn, Ailean Caimbeul, gun tèid an fharpais air adhart 's ged a bha iad an dòchas àireamh nas àirde de luchd-farpais fhaighinn am-bliadhna, cha robh e comasach do mhòran a bhiodhte an dùil fhaicinn a' gabhail pàirt anns an fharpais, tighinn dhan Mhòd am-bliadhna.
"Tha farpais an t-Seann Nòis mar phàirt chudromach den Mhòd agus tha sinn air co-dhùnadh leantainn oirnn leis an fharpais, agus leigeil leis na farpaisich an duais luachmhor seo a bhuannachadh," thuirt Mgr Caimbeul.