Trioblaidean a' leantainn aig an Rest

  • Air fhoillseachadh
A83Tùs an deilbh, Bear Alba

Tha an A83 fhathast dùinte aig an Rest and be Thankful ann an Earra Ghàidheal às dèidh mhaoim-slèibhe Dimàirt.

Thuirt a' bhuidheann BEAR Alba gun deach a' mhòr-chuid den spruilleach a ghlacadh anns na feansaichean mòra a th' ann airson dèiligeadh ri maoimean-slèibhe.

Thuirt iad gun robh mu 2,500 tunna de pholl is clachan ann.

Fhuair cuid dheth chun an rathaid ge-tà, is ràinig pàirt dheth seann rathad an airm ann an Gleann a' Chrò.

Rannsachadh

Bithear a' cleachdadh rathad an airm mar shlighe èiginn nuair a tha an A83 dùinte, ach chan eil sin comasach aig an ìre seo.

Thuirt BEAR Alba gu bheil feum air làn rannsachadh air cliathach na beinne agus an uairsin obair-sgioblachaidh mus fhosgail an A83 a-rithist.

Tha slighe eile tron Chrìon-Làraich air a comharrachadh gu dràibhearan, ach cuiridh seo 60 mìle ris an turas.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh