Sgoil na h-Iomain
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Comann na Camanachd gu bheil iad air sgeama ùr air a bheil Sgoil na h-Iomain a stèidheachadh.
'S e seo a' chiad rud ga leithid is bidh i stèidhichte ann an Àrd-sgoil Cheann a' Ghiuthsaich.
Tha an naidheachd ga foillseachadh 125 bliadhna chun là bho chaidh Comann na Camanachd fhèin a stèidheachadh ann an Ceann a' Ghiuthsaich.
'S e co-bhanntachd a bhios anns an sgeama ùr eadar Comann na Camanachd is Àrd-sgoil Cheann a' Ghiuthsaich, is le taic bho na clubaichean ionadail ann an Ceann a' Ghiuthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh.
Gheibh sgoilearan cothrom na sgilean is tuigse aca mun iomain a leasachadh.
Bidh stiùireadh ann dhaibh cuideachd a thaobh mar bu chòir dhaibh deasachadh airson spòrs a chluich, leis an dòchas gum bi buannachdan ann a thaobh slàinte na cloinne.
Leudachadh
Bidh cothroman trèanaidh ann cuideachd dha luchd-obrach na sgoile.
Thuirt ceannard eadar-amail Àrd-sgoil Cheann a' Ghiuthsaich, Iain Adamson, gu bheil e den bheachd gun tig piseach air sgilean iomain na h-òigridh, ach gun ionnsaich iad cuideachd sgilean eile a nì feum dhaibh san fharsaingeachd a thaobh rudan mar chonaltradh is a bhith nam pàirt de sgioba, am measg eile.
Tha e an dùil gum bi slighe ann dha cuid dhuibh a bhith a' dol tron sgeama seo agus a bhith a' cluich dha Ceann a' Ghiuthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh air a' cheann thall.
Thuirt Comann na Camanachd gu bheil iad an dòchas an àireamh de dhaoine a tha a' cluich iomain a leudachadh, sgilean a leasachadh, is ceangalaichean le clubaichean ionadail a neartachadh.
Thuirt iad gu bheil iad a' coimhead ri cothroman eile gus sgeamaichean coltach ri seo a chur an sàs ann an sgìrean eile.