Duais airson Loganair
- Air fhoillseachadh

Jonathan Hinkles is Sharon Williams bho Loganair.
Thuirt Loganair gu bheil iad air an dòigh is iad air an ainmeachadh mar Chompanaidh Adhair na Bliadhna.
'S iad a' bhuidheann Comann Chompanaidhean Adhair Sgìreil na h-Eòrpa a thug seachad an duais.
Rinn a' bhuidheann moladh mòr air mar a tha Loganair air soirbheachadh bho chaidh iad a-mach air an ceann fhèin bho chionn bliadhna.
Bha Loganair ron sin ag obair ann an co-bhanntachd ri FlyBe.
Bha cuideachd sreath de thrioblaidean teicnigeach air bualadh air plèanaichean na companaidh, is ceist ann fhathast mu aois chuid de na plèanaichean aca.
Farpais
Nochd dùbhlan ùr do Loganair às dèidh dhan aonta aca le FlyBe tighinn gu ceann, is FlyBe ag innse gun dèanadh iad farpais ri Loganair air na slighean air an robh iad ag obair còmhla roimhe.
Air a' cheann thall, tharraing FlyBe às an fharpais sin às dèidh beagan mhìosan.
Thuirt Comann Chompanaidhean Adhair Sgìreil na h-Eòrpa gur e "companaidh sgìreil air leth" a th' ann an Loganair.
Thuirt iad gun robh a' chompanaidh "air a bun-structar coimeirsealta a thogail às ùr" às dèidh dhaibh dealachadh bho FlyBe, is gun robh iad air dèiligeadh gu soirbheachail ris an fharpais eadar na companaidhean.
"Tha Loganair a' frithealadh air coimhearsnachdan iomallach is bha suidheachadh doirbh aca sa bhliadhna mu dheireadh", thuirt Montserrat Barriga bho Chomann Chompanaidhean Adhair Sgìreil na h-Eòrpa.
Urram
"A dh'aindeoin sin, tha iad air soirbheachadh air an ceann fhèin mar chompanaidh adhair sgìreil dha-rìribh neo-eisimeileach. Tha iad airidh air an duais seo", thuirt e.
Bha moladh ann cuideachd air Àrd-Stiùiriche Loganair, Jonathan Hinkles.
"'S e urram mòr a tha seo dhuinn is 's e comharra a th' ann air an obair chruaidh a rinn Loganair sa bhliadhna a chaidh", thuirt Mgr Hinkles.
"Tha an sgioba air fad air obrachadh cruaidh gus companaidh a thogail a tha a' toirt seachad seirbheis sheasmhach dha na coimhearnachdan air a bheil sinn a' frithealadh.
"Tha bunait againn a-nise a chumas Loganair ann an suidheachadh math anns na bliadhnaichean ri tighinn", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An Gearran 2018

- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2016

- Air fhoillseachadh5 An Giblean 2012
