Seirbheis smàlaidh nan Eilean na h-eisimpleir

  • Air fhoillseachadh

Tha seirbheis smàlaidh nan Eilean Siar a' toirt eisimpleir don chòrr de dh'Alba a thaobh cleachdadh uidheamachd ùir, charbadan nas lugha agus nas luaithe, agus innleachd aotram.

Sin beachd cheannardan na seirbheis agus iad air thuras do na h-Eileanan.

Tha na h-aonaidhean ciùird air draghan a thogail, ge-tà, mu dè tha an uidheamachd ùr a' ciallachadh dhan t-seirbheis sna bailtean mòra.

Tha luchd-smàlaidh sna h-Eileanan Siar ag ràdh gu bheil misneachd aca gun toir seo piseach air an t-seirbheis.

Carbadan ùra

Chaidh a' chiad dhà de na h-einnseanan-smàlaidh ùra a chur gu ionadan sna h-Eileanan Siar, fear ann an Loch nam Madadh agus fear ann an stèisean Bhaltois ann an sgìre Ùige de Leòdhas far a bheil Tormod Dòmhnallach na fhear-smàlaidh saor-thoileach.

"Tha sinn a' fàs eòlach air na goireasan sin agus tha sin gu bhith a' ciallachadh gu bheil sinn gu bhith a' dèiligeadh ann an dòigh glè eadar-dhealaichte le teinntean ann an dachaighean.

"'S urrainn dhuinn na teintean a chur a-mach bho thaobh a-muigh an togalaich an àite daoine a chur a-steach do shuidheachadh a dh' fhaodadh a bhith gu math cunnartach.", mhìnich e.

Trèanadh ùr

Bha dùbhlan san sgìre sna bliadhnaichean a chaidh seachad daoine gu leòr fhastadh airson na seirbheis.

Tha goireasan ùra aig Port-adhair Steòrnabhaigh a-nis a' toirt cothrom do dhaoine a tha an sàs san t-seirbheis trèanadh fhaighinn gun a dhol air falbh gu tìr-mòr.

"Tha sin a' dèanamh diofar mòr do dhaoine a tha ag obair agus dhan fheadhainn le teaghlaichean.

"Tha an àireamh air a dhol an àird thairis air a' bhliadhna a chaidh seachad.", thuirt Mgr Dòmhnallach.

Cùis mhedigeach

Tha luchd-smàlaidh a' faighinn uidheamachd agus trèanadh a leigeas leotha dèiligeadh ri suidheachadh meidigeach èiginneach.

"Bidh an uidheamachd againn agus bidh daoine againn as urrainn a dhol a-mach 's dòcha ann an sgìrean far nach eil carbad eiridinn ri fhaotainn taobh a-staigh trì cairteal na h-uarach neo uair a thìde.", thuirt Mgr Dòmhnallach.

Criutha nas bige

Chan eil na h-uidhear a dhaoine air gach sgioba a thathar a' cur a-mach gu tachartasan èiginn cleachd mar a b' àbhaist ach misneachd aig luchd-smàlaidh eileanach gun tèid aca air dèiligeadh ris an obair le criùthaichean nas lugha.

"Leis na h-innealan ùra agus na carbadan ùra tha mi a' smaoineachadh gum bi e comasach sin a dhèanamh.

"Bidh fhathast carbadan nas motha a' dol a-mach agus bidh iad a' coimhead air sianar a bhith air na carbadan sin ach gu math tric tha iad a' dol a-mach le cho beag agus ceathrar." thuirt Mgr Dòmhnallach.

'S e ceathrar an àireamh as motha a ghabhas na carbadan nas lugha ach tha iad nas siùbhlaiche agus ruigidh iad ceann-ùidhe tòrr nas luaithe.

Draghan nan aonaidhean

Nochd na h-aonaidhean draghan gu bheileas ag amas air crìonadh a dhèanamh air an àireamh de luchd-obrach agus gun toir seo buaidh air buill sna bailtean mòra.

Am beachd Mhgr Dhòmhnallaich, ge-tà, tha na h-atharrachaidhean a chuireadh an gnìomh sna h-Eilean a' toirt piseach air an t-seirbheis ann an sgìrean dùthchail leis gu bheil i a' coinneachadh ri feumalachdan an t-sluaigh.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir misneachd a bhith aig daoine gu bheil an t-seirbheis tòrr nas fheàrr na bha i bho chionn deich bliadhna.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil feumalachdan ann tarsainn na dùthcha a tha glè eadar-dhealaichte.

"Tha an rud a thathas a' dèanamh an-dràsta fhèin ann an sgìrean iomallach le na carbadan nas lugha agus an uidheamachd cheart orra, 's e sin an t-slighe air adhart do na sgìrean iomallach gu h-àraid.", thuirt e.