Cuideaman ceadaichte na h-Alba gan càineadh
- Air fhoillseachadh

Tha mar a tha cuideaman ceadaichte an iasgaich gan roinn a-mach ann an Alba "neo-ionnan dha-rìribh, 's air a dhroch riaghladh", a rèir luchd-iomairt.
Tha Greenpeace ag ràdh gu bheil rannsachadh a rinn iad air sealltainn gur e àireamh bheag de theaghlaichean beartach aig a bheil smachd air sgrìoban mòra den iasgach timcheall na dùthcha, 's gu bheil droch bhuaidh aige sin air iasgairean ionadail.
Thuirt iad gu bheil 29% de chuideaman ceadaichte na Rìoghachd Aonaichte fo smachd dìreach còig teaghlaichean, air a bheil iad a' gabhail "codfathers".
Tha droch bhuaidh aige seo air gnothaichean eaconomach, sòisealta agus àrainneachail, tha iad ag ràdh.
Thuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba a' fàgail air Greenpeace ge-tà, gu bheil iad a' dèanamh dealbh nach eil fìor den iasgach, agus gur e seasmhachd "am prìomhachas as motha a th' aig a' ghnìomhachas".