Naidheachdan 11:00m
Thèid athaisg eadar-amail fhoillseachadh an-diugh air an rannsachadh mu dhroch-dhìol air cloinn aig dachannan Caitleagach, na Daughters of Charity of St Vincent de Paul. Thug trì fichead 's còig duine deug fianais aig an ìre seo den rannsachadh mu Thaigh Smyllum Park ann an Lannraig agus Taigh Bellevue sa Ruadh Ghleann.
Thàinig rabhadh bho Shir Iain Major gum faodadh siostam ùr nan sochairean, an Creideas Coitcheann, a cheart uidhear de chron a dhèanamh air a' Phàrtaidh Thòraidheach agus a rinn a' chìs-chomhairle. Thuirt an t-seann phrìomhaire gum faic bhòtairean e mar aincheartas ma 's iad na teaghlaichean 's miosa dheth 's motha a dh'fhulaingeas. Thuirt Sràid Downing gu bheil an riaghaltas a' cuir tuilleadh airgid ri stòras a' Chreidis Choitchinn mas tèid a stèidheachadh air feadh na dùthcha.
Tha Hurricane Mìcheal air tuiteam gu stoirm tropaiceach air a shlighe tro Georgia an dèidh sgrios a dhèanamh ann am Florida. Thuirt oifigich an sin gun deach dithis a mharbhadh nuair a thuit craobhan agus tha leth mhillean dachaigh gun dealain eadar Florida, Alabama agus Georgia.
Chaidh cupall Breatannach a chaill am beatha ann an tuil ann am Majorca Dimàirt ainmeachadh. Bha Anthony agus Delia Green, a bha nan seachdadan, air saor-làithean air taobh sear an eilein Spàinntich agus tha e coltach gun do dh'fhalbh an tuil leis an tacsa sa robh iad. Tha leanabh còig bliadhna de dh'aois am measg na tha a dhìth.
Tha an EIS, an t-aonadh thidsearan as motha ann an Alba, a' coinneachadh an-diugh a dheasbad dè an ath cheum nan iomairt airson pàigheadh nas fheàrr. Tha na h-aonaidhean ag iarraidh 10% ach 's e gu math nas lugha na tha sin a tha na h-ùghdarrasan ionadail a' tabhann orra agus thuit na còmhraidhean eadar iad às a' chèile an t-seachdainn 's a chaidh.
Tha mì-chothromachd mhòr san dòigh san deach cuòta an iasgaich a roinn ann an Alba a-rèir Greenpeace. Tha a' bhuidheann ghlèidhteachais ag ràdh gur ann aig còig theaghlaichean beartach a tha smachd air cha mhòr an treas cuid den chuòta gu lèir agus gu bheil sin dona don eaconomaidh, do na coimhearsnachdan iasgaich agus don àrainneachd. Thuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba gu bheil Greenpeace a' cur dreach nach eil fìor air an t-suidheachadh.
Thàing air rocaid le dithis de chriùbha a bha a' dèanamh air an Stèisean Fànais Eadar-nàiseanta laighe ann an èiginn goirid an dèidh falbh à Kazakhstan. Thuirt oifigich nach deach an dithis a ghoirteachadh agus e coltach gur e rudeigin a chaidh ceàrr air an einnsean.
Cuiridh Comhairle nan Eilean Siar agus Visit Scotland eadar iad còrr's leth mhillean not ri leasachadh air goireasan do luchd-turais sna h-eileanan. Tha sin an dèidh dearbhadh gun do shoirbhich tagradh a rinn a' Chomhairle airson dà cheud 's dà fhichead mìle not de thaic-airgid bho Visit Scotland. Cuiridh a' Chomhairle trì cheud mìle not ris an obair.