Casg air losgadh phlastaig

Tha dragh mòr air croitearan agus tuathanaich air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan gum bi e daor agus doirbh dhaibh ath-chuairteachadh a dhèanamh air stuthan plastaig.

Thèid bacadh a chur orra an ath-bhliadhna bho a bhith a' losgadh stuth plastaig a tha ri fhaighinn air bèilichean silage, pocanan todhair, biadh bheathaichean is eile.

Tha buidheann chroitearachd Riaghaltas na h-Alba a-nis ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail cuideachadh a thoirt dhaibh faighinn cuidhteas a' phlastaig.

Tha an sgeulachd aig Eileen NicDhomhnaill.