Plana "radaigeach" airson na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

Tha am buidheann-iomairt 'Misneachd' air pàipear fhoillseachadh agus iad ag ràdh gur e plana radaigeach a th' ann airson na Gàidhlig.
Tha dragh mòr orra gu bheil a' Ghàidhlig a' lagachadh gu luath mar chànan coimhearsnachd.
Tha iad gu sònraichte a' togail air aithisg air rannsachadh a chaidh a dhèanamh ann an Siabost ann an Leòdhas.
Tha iad fhèin a' canail gu bheil seo a' sealltainn an staing anns a bheil an cànan, ach nach robh guth air ann am Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig (2018- 2023).
Tha am buidhean a' cleachdadh nam molaidhean ann an aithisg Shiaboist mar bhun-stèidh airson a' phlana aca fhèin.
Cànan a' crìonadh
Tha dragh mòr orra mu ghluasad cànain - bho Ghàidhlig gu Beurla agus gu bheil sin a tachairt nas luaithe na bha e a-riamh roimhe.
Tha iad dhen bheachd gum bi an cànan marbh gu ìre mhòr an ceann ginealach neo dhà, mura tig atharrachadh mòr.
Canaidh iad nach eil Riaghaltas na h-Alba neo Bòrd na Gàidhlig a' gabhail feart air an seo agus gu bheil poileasaidhean Gàidhlig lag agus nach eil iad èifeachdach.
Molaidhean
Tha iad ag amas gum bi Gàidhlig aig a h-uile duine ann an sgìrean Gàidhlig - agus gum bu chòir foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhith ann airson a h-uile pàiste.
Dha inbhich aig nach eil an cànan, tha iad a' moladh gum bi sia mìosan de bhogadh ann an Gàidhlig ri fhaotainn saor san asgaidh.
A bharrachd air a sin, bu chòir coimiseanair cànain Gàidhlig a thoirt a-staigh le cumhachdan laghail, làidir airson còirichean a' chànain a dhìon.
Tha an aithisg gu lèir ri fhaotainn an seo: http://www.misneachd.scot/, taobh a-muigh