''Fàgaidh daoine Muile ri linn droch sheirbheis aiseig''
- Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle Choimhearsnachd Mhuile gun cuir daoine cùl ris an eilean air sgàth 's cho truagh 's a tha clàr-ama a' gheamhraidh.
Aig àrd an t-samhraidh, tha bàt'-aiseig a' dol eadar an t-eilean agus tir-mòr bho mhoch gu dubh.
Ach, nuair a thòisicheas clàr-ama a' gheamhraidh air an 22mh dhen Dàmhair, cha bhi ach ceithir seòlaidhean sa là ann.
"'S e gòraich a th' ann nach bi aiseag ri fhaotainn dhan Òban ro 9.00m", thuirt fear-cathrach na comhairle coimhearsnachd, Uilleam MacLaomainn.
Dh'innis Mgr MacLaomainn gu bheil tòrr dhaoine a' frithealadh ospadal ann am baile Ghlaschu agus gun tig orra àite-fuirich a chur air dòigh leis agus nach fhaigh iad dhachaigh às dèidh 4.00f.
''£600,000''
Tha e coltach gun do dh'iarr a' choimhearsnachd gum biodh barrachd sheòlaidhean ann air a' gheamhradh seo.
Ach thuirt iad gun do dhiùlt Còmhdhail Alba sin a dhèanamh.
Tha Ealasaid NicFheargais bho Chomataidh Bàt'-aiseig Mhuile agus Eilean I a' dèanamh dheth gun cosg ceithir seòlaidhean a bharrachd san t-seachdain £600,000.
Dh'fhàgadh sin, thuirt i, gum faigheadh muinntir an eilein air an là a chur seachad air tìr-mòr.
Beatha dhoirbh
Tha Anndra Knight, aig a bheil fear dhe na gnìomhachasan as motha san eilean, ag ràdh gum faodadh gun tig orra an t-eilean fhàgail ri linn suidheachadh a' bhàt'-aiseig.
Chuir e ris a' sin agus e a' canail gu bheil e "a' sior fhàs doirbh beatha agus beò-shlàint' a dhèanamh ann am Muile''.
Thuirt fear-labhairt bho Chaledonian Mac a' Bhruthainn gun deach grùnn mholaidhean a chur air adhart airson 's gum biodh barrachd sheirbheisean ann eadar Muile agus an t-Oban air a' gheamhradh seo.